Duilleag 1 : Duilleag fiosrachaidh do luchd compàirt

Leugh an Duilleag Fiosrachaidh an dàimh ri Suirbhidh Coimhearsnachd Pròiseact Marannan Innse Gall

Tron t-suirbhidh seo gheibh sinn tuigse air nithean cudromach do choimhearsnachdan Innse Gall ann an co-cheangal ris a’ mhuir mun cuairt nan eilean, mar a tha iad air an rianachd is air an glèidheadh. Tha sinne a’ miannachadh tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a tha coimhearsnachdan a faireachdainn mu Sgìrean Dìon Mara anns na h-eileanan. Tha Sgìrean Dìon Mara air an sònrachadh gu dìon a chur air ainmhidhean is lusan cudromach gu nàiseanta.

`S e suirbhidh saor-thoileach a tha seo. Faodaidh sibh co-dhùnadh sguir dhan t-suirbhidh gun mìneachadh sam bith, aig àm sam bith, le dùnadh na duilleige, agus thèid data sam bith a thug sibh seachad chun phuing sin a dhubhadh às.

Cruinnichidh sinn na freagairtean dìomhair airson mìos, agus thèid na co-dhùnaidhean fhoillseachadh air làrach-lìn MarPAMM aig: http://www.mpa-management.eu. Tha gach freagairt dìomhair.  Tha cothrom agaibh aon seata de cheistean a fhreagairt, agus tuilleadh bheachdan a thoirt seachad ma bhios sibh air a shon.

Tapadh leibh airson an duilleag fiosrachaidh a leughadh. Ma tha tuilleadh cheistean agaibh no tuilleadh fiosrachaidh a dhìth, cuiribh fios gu charlie.main@uhi.ac.uk mus toisich sibh air an t-suirbhidh.  

Chaidh aonta beusail a thoirt don rannsachadh seo le Comataidh Rannsachaidhean Beusail Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean air 21 Gearran 2020.